Consultation outcome

2003 UNESCO Convention for the Safeguarding of the Intangible Cultural Heritage - ³Ò±ðà°ù°ù-³¦³ó³Ü²Ô²Ô³Ù²¹²õ: Gàidhlig

Updated 12 April 2025

³Ò±ðà°ù°ù-³¦³ó³Ü²Ô²Ô³Ù²¹²õ

Tha sinn airson gum bi daingneachadh Cunnradh 2003 a� tòiseachadh còmhradh air feadh na RA mu ar dualchas cultarach � beul-aithris, cluich, cleachdaidhean agus obair-ciùird aig a bheil àite cudromach ann an dearbh-aithne, pròis, agus co-leanailteachd choimhearsnachdan air feadh na RA � agus mar a tha sinn a� dìon an dualchais chultarail do-bheantainn seo, ris an can sinn ‘dualchas beò� còmhla.

Bha a� cho-chomhairle seo na phàirt de thoiseach a� chòmhraidh mu dhualchas beò san RA agus tha sinn air obrachadh gu dlùth leis na Riaghaltasan Tiomnaichte gus an fhreagairt seo aontachadh.

Is e raon farsaing a th� ann an dualchas beò a tha a� gabhail a-steach grunn raointean poileasaidh eadar-dhealaichte agus mar sin gu tric cha bhi freagairt ann a fhreagras air na h-uile rud, ach bidh sinn a� dèiligeadh ris na clàran-innse agus air buileachadh a� Chunnraidh nas fharsainge leis na prionnsapalan gu bheil dualchas beò stèidhichte sa choimhearsnachd, in-ghabhalach, suimeil agus fosgailte.

B� e ar dòigh-obrach san fharsaingeachd a bhith a� cuimseachadh air cùisean practaigeach mu bhith a� stèidheachadh nan clàran-innse agus tha sinn air phrìomh phuingean aontachadh mun adhbhar:

  • Cumaidh na clàran-innse taic ri bhith aâ€� comharrachadh agus ag aithneachadh dualchas beò san RA tro phròiseas ‘clàradh stuicâ€�, agus cuidichidh iad le bhith aâ€� cur ri mothachadh agus aâ€� cumail taic do chòmhraidhean mu dhìon san àm ri teachd.

  • Chan eil na slatan-tomhais airson nithean a chur ris aâ€� chlàr aâ€� gabhail a-steach breithneachadh air luachan, measadh no a bhith aâ€� seòrsachadh chudromachd, no slat-tomhais sam bith eile coltach ri seo.

  • Tha e coltach gum bi na buannachdan bho bhith anns na clàran-innse eadar-dhealaichte airson gach nì agus coimhearsnachd, ach dh’fhaodadh iad a bhith aâ€� gabhail a-steach barrachd mothachaidh, aithneachaidh, a bharrachd air cothroman airson barrachd com-pàirteachadh agus co-obrachaidh.

  • Thèid na clàran-innse ùrachadh agus bidh gairmean fosgailte cunbhalach do choimhearsnachdan gus an cuid dualchais beò a chur air adhart. Chan e inneal mapaidh, no clàr de dhualchas beò san RA a thâ€� annta agus chan eilear an dùil gum bi iad nan encyclopaediathan no nan tasglannan.

  • Ma tha nì air a ghabhail a-steach do na clàran-innse, chan eil seo aâ€� ciallachadh leis fhèin gu bheil uallach no dleastanas air buidheann, comann no riaghaltas sam bith taic dhìreach a thoirt dhan nì sin.

  • Tha na clàran-innse nam pròiseasan dachaigheil a tha eadar-dhealaichte ris na liostaichean a tha air an cumail aig UNESCO.

Cumaidh sinn oirnn a� cleachdadh teacsa a� Chunnraidh airson a� mhìneachaidh aontaichte air dualchas cultarail neo-stuthach no dualchas beò, ach tha sinn cuideachd ag aithneachadh gun gabh ciall a� mhìneachaidh a thuigsinn ann an diofar dhòighean (’s dòcha a dh’aona ghnothach). Ach cha chleachd sinn briathran leithid ‘traidiseanta�, ‘co-aimsireil�, ‘fìor� no ‘dualchas� nuair a tha sinn a� mìneachadh dè tha na eisimpleir de dhualchas beò is dè nach eil no dè bu chòir a bhith anns na clàran-innse.

Leanaidh sinn an seasamh ris an do ghabh an Cunnradh agus cha ghabh sinn ri tagraidhean airson creideamhan eagraichte agus airson siostaman creideas gu h-iomlan, ach cuiridh sinn fàilte air tagraidhean mu chleachdaidhean cultarail co-cheangailte ri creideamh. Cuiridh sinn fàilte air tagraidhean aig a bheil cànan mar mheadhan, agus bheir sinn taic do ghrunn chànanan ionadail, dùthchasach le eadar-theangachadh (a bharrachd air a bhith ag obair gu dà-chànanach sa Chuimris a rèir riatanasan reachdail), ach cha chuir sinn a-steach na cànanan fhèin sa chlàr-innse.

Slatan-tomhais

Bha taic làidir ann am freagairtean na suirbhidh airson nan slatan-tomhais a chaidh a mholadh le còrr is trì chairteal den luchd-fhreagairt ag aontachadh riutha. Mar thoradh air beachdan agus molaidhean, tha sinn air na slatan-tomhais a chaidh a mholadh a chumail, air dhà dhiubh a chur còmhla airson adhbharan practaigeach agus air trì a bharrachd a chur ann gus am bi cùisean nas soilleire.

  • Feumaidh e a bhith na chleachdadh aig an àm seo. Airson a bhith air a mheas airson a dhol do na clàran-innse, feumaidh coimhearsnachd bheò a bhith aig an nì aig a bheil eòlas air mar a nithear an nì, agus as urrainn an rud a thar-chur do na ginealaichean ri teachd. Bu chòir do thagraidhean fiosrachadh a thoirt seachad mu bheothalachd an nì aig an àm seo agus san àm ri teachd, agus a bhith aâ€� cur an cèill a bheil aâ€� choimhearsnachd a tha aâ€� cur a-steach an nì den bheachd gu bheil e ann an cunnart, m.e. a bheil e ann an cunnart a dhol bàs gun atharrachadh mòr air an ìre tar-chur làithreach.

  • Faodaidh e bhith bho àite sam bith aig àm sam bith, ach feumaidh fiosrachadh a bhith ann mu eachdraidh agus tar-chur taobh a-staigh na coimhearsnachd buntainnich. Chan fheum an rud a bhith de dh’aois sònraichte no a bhith air a thoirt seachad àireamh sònraichte de thursan eadar ginealaichean agus faodaidh e a bhith bho àite sam bith agus bho dhuine sam bith.

  • Feumaidh gur e an cleachdadh beò fhèin a bhios ann. Bu chòir tagradh do na clàran-innse a bhith aâ€� gabhail a-steach fiosrachadh mu eileamaidean co-cheangailte ris an nì far a bheil sin iomchaidh, ach chan urrainn dha a bhith aâ€� gabhail a-steach innealan, ionnstramaidean, èideadh, stuthan is eile co-cheangailte ris a-mhàin no a bhith aâ€� gabhail a-steach toradh, bathair no stuth a chaidh a chruthachadh mar thoradh air an dualchas bheò a-mhàin.

  • Feumaidh e a bhith a rèir inbhean chòraichean daonna a chaidh aontachadh gu h-eadar-nàiseanta. Mar eisimpleir, feumaidh e a bhith a rèir còraichean dhaoine eile a bhith gun lethbhreith agus a bhith aâ€� faighinn làimhseachadh co-ionann, a rèir prìobhaideachd, saorsa smaoineachaidh agus cur an cèill, agus a rèir na còrach com-pàirteachadh ann am beatha shòisealta agus chultarach.

  • Feumaidh cead fiosraichte a bhith ann bhon choimhearsnachd ro làimh. Feumaidh an tagradh fianais a thoirt seachad gu bheil aâ€� choimhearsnachd aig a bheil an cleachdadh air cead a thoirt seachad gun tèid an nì dualchas beò a chur a-steach do na clàran-innse.

  • Feumaidh buannachd choimeirsealta sam bith bho nì an dualchais bheò a bhith airson prìomh bhuannachd na coimhearsnachd.

Còd Beusachd

Chuala sinn cuideachd grunn bheachdan agus mholaidhean co-cheangailte ri slatan-tomhais eile, ach bha dìth co-aonta no dìth bunait oibseactach ann airson nì a mheasadh mu choinneamh nan slatan-tomhais, agus mar sin an àite sin tha sinn air còd beusachd a chur ri chèile.

Bu chòir coimhearsnachdan a tha a� dèanamh tagraidhean beachdachadh air a� chòd beusachd, agus dh’fhaodadh e cuideachadh còmhraidhean fhiosrachadh san àm ri teachd mu dhìon, ach cha bhi e na phàirt de na slatan-tomhais airson a bhith a� cur rudan ris na clàran-innse.

  • Bu chòir spèis a thoirt do bheathaichean, nàdar, agus dhan àrainneachd.

  • Bu chòir dha urram a thoirt do na frèaman laghail nàiseanta làithreach agus a bhith ag adhartachadh deagh shlàinte, sunnd agus sàbhailteachd dhaibh fhèin agus do dhaoine eile.

  • Bu chòir dha cur ri sìth, spèis, co-leanailteachd sòisealta agus in-ghabhail, agus leth-bhreith a sheachnadh taobh a-staigh an cleachdaidhean dualchais beò fhèin, ann an coimhearsnachdan nas fharsainge, agus nuair a bhios iad aâ€� co-obrachadh le cleachdaichean dualchais beò eile.

¸é´Ç¾±²Ô²Ô±ð²¹²Ô-²õ±ðò°ù²õ²¹

Bha na prìomh chòmhraidhean sa chuspair seo a� gabhail a-steach a bhith a� faighinn cothromachadh eadar a bhith a� cumail nan roinnean-seòrsa aig UNESCO airson co-obrachadh furasta, agus a bhith a� dèanamh cinnteach gu bheil na roinnean-seòrsa agus am briathrachas cho feumail agus cho ruigsinneach ’s a ghabhas airson co-theacs na RA.

Cumaidh sinn na còig roinnean-seòrsa aig UNESCO agus cuiridh sinn dà a bharrachd ann: ‘Spòrs is Geamannan� agus ‘Cleachdaidhean Bìdh is Dighe�. Cuiridh sinn ainmean ùra air na roinnean-seòrsa agus sìmplichidh sinn am briathrachas, a� gabhail a-steach a bhith a� toirt iomradh soilleir air Tìr is Creideamh.

  • Beul-aithris Dualchas beò co-cheangailte ri conaltradh labhairteach agus neo-labhairteach a thathar aâ€� cleachdadh gus eòlas, luachan cultarail is sòisealta agus cuimhne choitcheann a thoirt air adhart. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith aâ€� gabhail a-steach seanfhacail, tòimhseachain, òrain, rannan chloinne, no seanchas.

  • Na h-ealain-chluiche Dualchas beò co-cheangailte ri cluiche agus cruthachalachd daonna. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith aâ€� gabhail a-steach diofar chleachdaidhean ciùil, dannsa no dràma.

  • Cleachdaidhean Sòisealta Dualchas beò a tha gu tric air a cho-roinn agus anns an gabh buidheann pàirt. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith aâ€� gabhail a-steach cleachdaidhean mìosachain no ràitheil, fèisean, tachartasan comharrachaidh no deas-ghnàthan.

  • Nàdar, Tìr, agus Spioradalachd Dualchas beò co-cheangailte ris an àrainneachd agus ri creideamh. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith aâ€� gabhail a-steach dòighean togail, siostam stiùireadh fearainn, eòlas mu chuid de bheathaichean is lusan is eag-eòlasan.

  • °ä±ðà°ù»å²¹²Ô Dualchas beò co-cheangailte ri sgilean, eòlas agus a bhith aâ€� dèanamh rudan, an dàrna cuid le làimh no le taic bho innealan. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith aâ€� gabhail a-steach cleachdaidhean sònraichte co-cheangailte ri fighe, snaidheadh fiodha, crèadhadaireachd, goibhneachd no clachaireachd.

  • Spòrs is Geamannan Dualchas beò co-cheangailte ri geamannan, co-fharpaisean no gnìomhan a dh’fheumas oidhirp chorporra agus/no sgil. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith aâ€� gabhail a-steach tachartasan spòrs no geamannan mar chur-seachad.

  • Cleachdaidhean Bìdh is Dighe Dualchas beò co-cheangailte ri ullachadh agus caitheamh bìdh is deoch. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith aâ€� gabhail a-steach a bhith aâ€� dèanamh biadh sònraichte no aâ€� roinn biadh is deoch gu sòisealta.

Na h-ath cheuman

Foillsichidh sinn barrachd fiosrachaidh agus stiùiridh air mar a chuirear ris clàran nuair a dh’fhosglas sinn a� ghairm airson tagraidhean nas fhaide air adhart am-bliadhna.